Àite, Nòs is Daoine

Àite, Nòs is Daoine

Mìos na Gàidhlig 2016

’S a’ Chéitean seo, cumaidh muinntir na h-Albann Nuaidhe cultur, cànan agus dualchas nan Gàidheal fhad ’s a chomharraicheas sinn an 20mh ceann bliadhna do Mhìos na Gàidhlig.

’S ann o shliochd Ghàidheil na h-Albann a tha còrr is trian do mhuinntir na h-Albann Nuaidhe, a’ sònrachadh na mór-roinneadh a tha seo mar aon roinn thaobh a-muigh na Roinn Eòrpa far an do mhair a’ Ghàidhlig agus a cultur anns a’ choimhearsnachd.  ’S e cultur sònraichte is luachmhor an toradh a th’air tighinn ás a’ seo tha ’na nithe ás am bi muinntir na h-Albann Nuaidh’ uile bòsdail.

Tòisichidh an fhéillteachd air 27 an Giblean, nuair a chuireas Iomairtean na Gàidhlig fàilte air luchd na coimhearsnachd gus bratach nan Gàidheal a thogail aig Pàrlamaid Bheag na h-Ablann Nuaidhe.

Cuspair agus Iomairt Làrach nan Aodann

’S e Àite, Nòs is Daoine an cuspair do Mhìos na Gàidhlig 2016, is e ’na rùn a bhi a’ misneachadh muinntir na h-Albann Nuaidhe an ceangal aca fhéin ri cànan agus cultur nan Gàidheal a chnuasachadh.

Dh’fhaodhadh cion-fhios’ a bhi aig iomadh neach na h-Albann Nuaidhe mu’n dualchas Ghàidhealach aca na dh’fhaodte gu bheil ’ad a’ faireachdainn nach eil ceangal aca riu’ a chionn ’s nach eil a’ Ghàidhlig aca.  ’S e Àite, Nòs is Daoine ’na iomairt gus fàilte a chur air daoine agus gus a bhi ’gan leigeil le an cuid naidheachd sònraicht’ a chompàirteachadh los gun urrainn dhaibh dol a’ sàs ann an coimhearsnachd fharsuinn nan Gàidheal.

Gus an cuspair a bhrosnachadh, bidh Iomairtean na Gàidhlig a’ cur air bhog iomairt Larach nan Aodann a chuireas faothachadh gu compàirtichean dealbhan duine, àite na nì a bhiodh a’ riochdachadh gu dé tha Gàidhlig na h-Albann Nuaidh’ a’ ciallachadh dhaibh a chompàirteachadh.

’S e a bhi a’ gabhail pàirt furasda!  Cha bhi aig compàirtichean ach dealbh a chur suas air duilleag Larach nan Aodann aig Iomairtean na Gàidhlig https://www.facebook.com/gaelicaffairs na air Twitter #gaelicns maille ri sreathan beaga goirid a mhìnicheas cuideam na tha ’s na dealbhan.

Dhan fheadhainn a tha airson pàirt a ghabhail, ach ’ad nach bi a’ dol air Larach nan Aodann, dh’fhaodadh dealbhan a chur gu Frangag NicEachainn aig Iomairtean na Gàidhlig Frances.maceachen@novascotia.ca a chuireas suas na théid a chur a-staigh air Larach nan Aodann do dh’Iomairtean na Gàihdlig ás leth a’ chompàirtiche.

 

Rachaibh a’ sàs ann an Mìos na Gàidhlig

  • As deaghaidh an 27mh là dhen Ghiblean, compàirtichibh dealbh duine, àite na nì a’ riochdachadh Gàidhlig na h-Albann Nuaidhe mar phàirt dhen iomairt againn, Àite, Nos is Daoine
  • Brosnaichibh an iomairt, Àite, Nos is Daoine a-measg bhuill an teaghlaich, taobh a-staigh na buidhn’ agus anns a’ choimheasrnachd agaibh.  Dèanaibh cinnteach gun téid daoine sònraichte, àiteachan agus nòsan ’s an teaghlach is ’s a’ choimhearsnachd agaibh a riochdachadh.
  • Iarraibh oirnne gus leth-bhreac dhen phostair againn ’fhaighinn Kelly.schlay@novascotia.ca
  • Compàirtichibh mion-chunntasan do thachartasan le Iomairtean na Gàidhlig los gun téid tachartasan a bhios anns a’ choimhearsnachd agaibh a bhrosnachadh ’ro iomairt nam meadhannan soisealta, agus cuideachd air tachartasan Iomairtean na Gàidhlig a gheobhar air a’ làraich againn https://gaelic.novascotia.ca/events 
  • Nach lìon sibh a’ foirm a tha an cois agus nach cuir sibh air ais e gu Iomairtean na Gàidhlig aig Frances.MacEachen@novascotia.ca

Gus tuilleadh fhiosrachaidh ’fhaighinn nach cuir sibh fios gu:

Frangag NicEachainn

Bocsa a’ Phuist 261
11156 Rathad 19
Màbu
Alba Nuadh
Canada B0E 1X0

(902) 945-2114

Frances.MacEachen@novascotia.ca