Dé Tha Sinn Ris

Tha Iomairtean na Gàidhlig a’ tairgsinn agus a’ toirt taic do phrógraman oideachaidh anns a’ Ghàidhlig a bheir cothroman do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig an cuid Gàidhlig agus eòlas  air a dualchas a mheudachadh.  Stéidhichte air samhail ionnsachaidh sòisealta, bidh na prógraman seo a’ cur luchd-ionnsachaidh an cuideachd ri luchd-labhairt fileanta a bhios a’ cur Gàidhlig gu feum a h-uile là ann an suidheachaidhean sòisealta, cultura is iad a bhios ag amas air luchd-labhairt na Gàidhlig a chruthachadh a bhios a’ cleachdadh, a’ co-roinn, a' moladh agus ag àrdachadh na Gàidhlig agus a dualchais ann an Albainn Nuaidh.  Cuir fios thugainn gus barrachd ’ionnsachadh air oideachadh a thaobh na Gàidhlig agus a dualchais ann an Albainn Nuaidh.

 

Dleasdanas oifis Iomairtean na Gàidhlig

Tha oifis Iomairtean na Gàidhlig ag amas air ùrachadh na Gàidhlig gus am bi i daonnan ’na pàirt bheothail de bheatha na h-Albann Nuaidhe.

Tha seo a’ tarraing air ionnsachadh is toirt seachad na Gàidhlig a shaorachadh, agus meas nas motha air dualchas na Gàidhlig a chruthachadh.

Tha obair oifis Iomairtean na Gàidhlig a’ toirt a-staigh na leanas:

  • Luach agus co-thabhartas na Gàidhlig dhan roinn ’àrdachadh
  • Taic a thoirt do phrógraman ùr-ghnàthaichte cànain is dualchais, a bhios freagarrach dhan a bhios feumach do choimhearsnachd na Gàidhlig.
  • Còmhradh a shaorachadh leis a’ riaghaltas agus a’ choimhearsnachd a thaobh na bhios cudthromach do leasachadh na Gàidhlig
  • Goireasan  a bhuineas do dh’fhoghlam a chruthachadh a chuireas luchd-teagaisg is luchd-ionnsachaidh gu feum
  • Trèanadh do luchd-teagaisg na Gàidhlig a chur air dòigh
  • Cuideachadh is taic a thoirt do dh’iomairtean is pròiseictean na coimhearsnachd
  • Seirbheisean eadar-theangachaidh a thairgsinn
  • Cothroman ionnsachadh na Gàidhlig agus iomlaid chultarach a mheudachadh leis a bhith a’ co-obrachadh le pàirtichean eadarnàiseanta.

 

Prógraman

Tha sinn ’gur misneachadh is sinne a tha a’ gabhail ri iarrtasan na coimhearsnachd dha na prógramman againn air feadh na bliadhna (tha cinn-là cruaidh aig cuid dhe na prógraman againn fhad ’s a bhios cuid eile ri’m faighinn gu leantainneach). Cuir fios thugainn gus foirm-iarrtais ’fhaighinn do ghin dhe na prógraman againn, air neo gus ceistean a chur agus gus tuilleadh fiosrachaidh ’fhaighinn.

Prógram Gàidhlig anns a’ Choimhearsnachd

Bidh am prógram seo a’ toirt taic do dh’eagrachaidhean neo-phrothaid le pròiseictean a bhios ag amas air cothroman a mheudachadh do dhaoine a’ Ghàidhlig ’ionnsachadh is a bhruidhinn, aig an aon àm’s gum bi iad a’ gabhail a-staigh dhaoine anns am bi suim ’s a’ Ghàidhlig agus a dualchas a’ dol am meud. Faodaidh gnìomhachais clasaichean cànain, bogadh’s a’ Ghàidhlig, bùthan-obrach agus tionnsgnaidhean culturach eile a thoirt a-staigh.

Cinn-là gus iarrtasan a chur a-staigh: 15 am Màrt, 15 an t-Òg-Mhìos agus 15 an t-Samhain

Program Guidelines (English, 146KB PDF)
Program Closure Report (English, 2MB PDF)

Prógraman Tàilleabhachd: Bun is Bàrr

Tha Iomairtean na Gàidhlig a’ tairgsinn agus a’ toirt taic do phrógraman oideachaidh anns a’ Ghàidhlig a bheir cothroman do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig an cuid Gàidhlig agus eòlas  air a dualchas a mheudachadh.  Stéidhichte air samhail ionnsachaidh sòisealta, bidh na prógraman seo a’ cur luchd-ionnsachaidh an cuideachd ri luchd-labhairt fileanta a bhios a’ cur Gàidhlig gu feum a h-uile là ann an suidheachaidhean sòisealta, cultura is iad a bhios ag amas air luchd-labhairt na Gàidhlig a chruthachadh a bhios a’ cleachdadh, a’ co-roinn, a' moladh agus ag àrdachadh na Gàidhlig agus a dualchais ann an Albainn Nuaidh.  Cuir fios thugainn gus barrachd ’ionnsachadh air oideachadh a thaobh na Gàidhlig agus a dualchais ann an Albainn Nuaidh. Gus tuilleadh ionnsachadh mu’n phrógram, Bun is Bàrr, faodaidh sibh an seann iarrtas a leughadh ’s a’ cheangal gu h-ìosal air neo faodaidh sibh fios a chur ’ugainn gu dìreach.

Bun is Bàrr Expression of Interest (English, 287 kB PDF)
 

Dian-oideas na Gàidhlig

’S e prógram a th’ann an Dian-oideas na Gàidhlig ’ga dhealbhachadh do bhuidhnean a bhios a’ toirt taic ri ionnsachadh na Gàidhlig thro’n mhodh, Gàidhlig aig Baile aig a bheil prìomhachas air a bhi a’ toirt sgoilearan gu bhi a’ bruidhinn agus a’ tuigsinn na Gàidhlig le bhi a’ dèanadh ghnìomhan làthail, gheamaichean, agus chòmhraidhean ann an àrainneachd a tha ’na bhogadh cànain, ag ath-chruthachadh nan dòighean a bhios cnapach ag ionnsachadh a chiad chànain. ’Ga lìbhrigeadh le taoitearan a tha aig àrd ìre ann am fileantas, théid gnìomhan a lìbhrigeadh le bhi a’ cur gu feum nithean-seallaidh, ath-aithris agus conaltradh gun fhaclan

Program Guidelines / Comharran-treòrachaidh (English, 180 kB PDF)

Ceann là: Iarrtasan ri’n gabhail gun cheann là ann. Thathar ag iarraidh air buidhnean gun téid iarrtasan-maoineachaidh a chur a-staigh sia mìosan ro’ àm tòiseachadh a’ phròiseict.

 

Bursaraidh na Gàidhlig (Alba)

Ann an oidhirp taic a thoirt ri luchd-ionnsachaidh a bhios airson a’ Ghàidhlig a thogail agus a chur gu feum, tha Riaghaltas na h-Albann air prógram bursaraidh do rannsachadh na Gàidhlig a stéidheachadh.

Tha am prógram bursaraidh seo air a dhealbhadh a dh’aona ghnothach taic a thoirt do sgoilearan na Gàidhlig á Albainn Nuaidh, Canada, le cosgaisean siubhail, bìdhe is àitean-fuirich ann an Albainn fhad ’s am bi iad ag obair air a’ Ghàidhlig a thogail agus a chur gu feum, cuide ri bhi a’ rannsachadh an dualchais a bhuineas dhan chànan.

 

Prògram Gnìomhan Cultarach is Òigridh Gàidhlig

Ceann là: Iarrtasan ri’n gabhail gun cheann là ann dhan neach as luaithe làmh gus an téid feum a dhèanadh dhen mhaoineachadh. Thathar ag iarraidh air buidhnean gun téid iarrtasan-maoineachaidh a chur a-staigh sia mìosan ro’ àm tòiseachadh a’ phròiseict.

Program Guidelines (English, 135kb PDF)