Clàr Àireamh Càir nan Gàidheal ri fhaighinn gu goirid

Tha Oifig Clàraidh nan Carbadan, an com-pàirteachas le Iomairtean na Gàidhlig, air clàr àireamh càir ùr a dhealbhachadh, airson nan Gàidheal, a bhios a’ cur na Gàidhlig, agus dualchas is féin-aithne nan Gàidheal air shùilean dhaoine. Air a’ chlàr, tha samhla Gàidheil na h-Albann Nuaidhe agus na faclan ALBA NUADH air a’ bhonn.

Bidh an clàr ri fhaighinn fhathast anns a’ Chéitean bho oifigean sam bith do dh’Oifigean Inntrigidh na h-Albann Nuaidhe na do dh’Oifig Clàraidh nan Carbadan.

Bidh na clàran air an toirt a-mach ann an òrdugh sreath-leanmhainneach do chàraichean luchd-aiseig is do charbadan aotrom malairteach suas gu 5000 cileagram.

Clàr Àireamh Càir Ùr dha na Gàidheil

 

 

 

 

 

Tàillean Clàraidh

Bidh an tàille clàraidh airson clàr àireamh càir nan Gàidheal ionann ris an tàille choitcheann a th’ ann airson a’ chlas agus a’ chudtroim dhe ’n charbad a bhios air a chlàradh. A bharrachd air a seo, bidh tabhartas do $50 ’ga thrusadh dar a cheannaichear an clàr agus dar a bhios an clàradh air ùrachadh. Théid an tabharts seo do $50 gu maoin airson feumalachdan àraid air a’ bheil “Gàidheil Air Adhart”.

Faodaidh sibh an clàr àireamh càir ùr a chur an àite an t-seann fhir a th’ agaibh mar thà le bhi a’ toirt an t-seann chlàir a-staigh agus a bhi a’ pàigheadh an tabhartais do $50. Cha ruig sibh leas feitheamh dha ’n uair ath-nuadhachaidh a th’ ann a h-uile dàrna bliadhna.

Ùrachadh ’s an ám ri teachd: Bidh agaibh ris an tàille ùrachaidh àbhaisteach a phàigheadh agus an tabhartas do $50.

’S e $5.80 an cosdas a th’ ann airson ionadair clàir.

Bidh feum air dearbhadh àrachais a h-uile turus a théid clàradh na clàr àireamh càir a thoirt seachad na ùrachadh. Feumar foirm Dearbhadh Àrachais a lìonadh airson iarrtasan aghaidh ri aghaidh air neo feadhainn a théid an cur a-staigh thro ’n phost. Airson iarrtasan ùrachaidh a nìthear air-loidhne, théid iarraidh oirbh am fiosrachadh seo a thoirt seachad thro ’n phost-dealain.

Gàidheil Air Adhart – Maoin airson Feumalachdan Àraid

Bidh am maoin airson feumalachdan àraid – Gàidheil Air Adhart – air a rianachadh le Iomairtean na Gàidhlig. Bidh am maoin seo ’ga cleachdadh airson taic a chur ri pròiseactan Cultur nan Gàidheal gus cuideachadh a thoirt ann a bhi a’ cumail suas cànan, dualchas, agus féin-aithne nan Gàidheal air feadh na h-Albann Nuaidhe. Gheobhar fiosrachadh mu “Gàidheil Air Adhart” le bhi a’ tadhal air làrach-lìn Iomairtean na Gàidhlig.

An aire! – le riaghailtean Buidheann Teachd-a-Steach Chanada, cha ghabh an tabhartas seo a chleachdadh mar lùghdachadh chìsean.