Neach-fhaighinn Bursaraidh na Gàidhlig, Seonag NicDhòmhnaill

Bursaraidh airson Togail na Gàidhlig (Alba)

Luchd-stiùiridh a thaobh Ionnsachadh na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Albann & Iomairtean na Gàidhlig, Miar do Roinn nan Coimhearsnachdan, a’ Chultair agus an Dualchais

Geàrr-chunntas

Ann an oidhirp taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh a bhios airson a’ Ghàidhlig a thogail agus a chur gu feum, tha Riaghaltas na h-Albann air prógram bursaraidh do rannsachadh na Gàidhlig a stéidheachadh.

Tha am prógram bursaraidh seo air a dhealbhadh a dh’aona ghnothach taic a thoirt do sgoilearan na Gàidhlig á Albainn Nuaidh, Canada, le cosgaisean siubhail, bìdhe is àitean-fuirich ann an Albainn fhad ’s am bi iad ag obair air a’ Ghàidhlig a thogail agus a chur gu feum, cuide ri bhith a’ rannsachadh an dualchais a bhuineas dhan chànan.

Tha am prógram bursaraidh seo a’ leantainn àithne Bòrd na Gàidhlig (Alba) a tha a’ gabhail a-staigh taic do ionnsachadh na Gàidhlig taobh a-muigh na h-Albann.

Tha am bursaraidh seo air a dhealbhadh gus taic a thoirt do rùn Còmhairle na Gàidhlig, Coimhearsnachd na Gàidhlig, agus Iomairtean na Gàidhlig – Miar do Roinn nan Coimhearsnachdan, a’ Chultair agus an Dualchais – gus àireamh luchd-labhairt fileanta na Gàidhlig a chur am meud.

A-réir Ionad Nàiseanta do Chomas Dualchais, Washington, DC, ’s e a th’ ann a’ dualchas

“cumadh co-fhillte de ghiùlan clann-daoine a bhios a’ toirt a-staigh smuaintean,      chonaltraidhean, chànainean, chleachdaidhean, chreideamhan, cuide ris na bhios i a’ measadh luachmhor, na modhan cùirteil a bhios aca, na deas-ghnàthan aca, mar a bhios iad ’gan giùlan fhéin am measg dhaoin’ eile agus an dàimh a bhios eatorra anns gach buidheann cinneadail, dùthchasach, cràbhach no sòisealta; agus an comas na nithean sin uile a thoirt seachad dha na ginealaich a thig ás an déidh”. (Goode, Sockalingam, Mac a’ Bhriuthainn, & Jones, 2000).

Tha seo a’ ciallachadh gu bheil cànan a’ gabhail pàirt anns an dòigh ’s am bi sinn a’ sònrachadh dualchais agus cuideachd a’ nochdadh an dualchas sin dhuinn.

Leis a’ fhradharc dhualchasach seo  ’nan inntinn, clàraichidh tagraichean ann an cùrsa Gàidhlig goirid, a mhaireas co-dhiubh dà sheachdain, a bhios ’ga theagasg troimh mheadhon na Gàidhlig, aig ionad leithid Sabhal Mór Òstaig (SMO), Alba.  Le taic bho Iomairtean na Gàidhlig agus comh-pàirtearan na Gàidhlig ann an Albainn, nì gach tagraiche amas, mar phàirt dhen oidhirp aige/aice a’ Ghàidhlig a thogail, air neach-labhairt na Gàidhlig aig an robh a’ chànan bho’n ghlùin ann an Albainn, agus aig a bheil dualchainnt coltach ris an tè aige/aice fhéin, a choinneachadh; nì e/i tadhal air an neach sin agus nì e/i agallamh leis/leatha.  Théid an t-agallamh a dhèanamh troimh mheadhon na Gàidhlig agus bidh e stéidhichte air na comasan dualchasach a chaidh ainmeachadh gu h-àrd.

Gheobh tagraichean duais de thaic-airgid airson cosgaisean siubhail, bìdhe is cìs-chlàraidh an Albainn airneo airson chùrsaichean air astar.

Dearbhaidhean Iarrtais

Feumaidh tagraichean a bhith nan còmhnaichean buan ann an Albainn Nuaidh.

Feumaidh tagraichean a bhith 18 bliadhna dh’ aois no nas sine.

Feumaidh tagraichean litir ullachadh a bheir mion-chunntas air an eòlas a th’ aca air a bhith a’ togail na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh agus geall gun cum iad orra leis a’ Ghàidhlig a thogail agus a chur gu feum ann an Albainn Nuaidh.

Feumaidh tagraichean litir teisteanais bho eagrachadh na Gàidhlig stéidhichte ann an Albainn Nuaidh a thoirt seachad.

Feumaidh tagraichean litir a thoirt seachad a dhearbhas gu bheil iad dà-rìribh air clàrachadh ann an cùrsa a tha co-dhiùbh a’ mairsinn dà sheachdain aig ionad na Gàidhlig.

Nithean air an téid beachdachadh a dhèanamh ann an taghadh nan tagraichean:

An ùine a chaidh a chur seachad ann an ionnsachadh na Gàidhlig. 

Taisbeanadh soilleir a dhèanamh air cho mór  ’s a tha an tagraiche air a bhith an sàs ann an eagrachaidhean, stéidhichte anns a’ Ghàidhlig, ann an Albainn Nuaidh.

Meas, mothachadh agus oidhirpean a thaobh dualchainnt shònraichte a chleachdadh agus na dòighean anns am bi an tagraiche a’ toirt taic ri seo a dhèanamh

Ciamar a chumas sibh suas na sgilean a dh’ionnsaicheas sibh is ciamar a chuireas sibh gu feum ’ad ’s a’ choimhearsnachd agad fhéin?

Gu dé na planaichean agad fhéin a thaobh a bhith a’ leasachadh nan sgilean agad gus taic a thoirt do choimhearsnachd nan Gàidheal an Albainn Nuaidh, m.s. a’ clàradh do phrógram, bogadh ’s a’ Ghàidhlig air / neo oideachas?

Dùilean ás déidh dha na tagraichean tilleadh

Nì na tagraichean taisbeanadh air an agallamh a rinn iad le neach-labhairt na Gàidhlig ann an Albainn, cùide ris a’ chlàr (bhidéo no clàr-chlaisteach) a rinneadh dhen agallamh.  Théid taisbeanadh de 45 mionaid co dhiùbh a dhèanamh ann a’ coimhearsnachd  an tagraiche agus bheir e an àirde cùisean sònraichte a bhuineas dhan chànain agus dhan dualchas a chaidh a thogail fhad ’s an robh an tagraiche air a chlàrachadh ann am prógram a’ bhursaraidh.

Dòigh cur a-staigh

Cuiribh am fiosrachadh a bhuineas dhan iarrtas ann am post-dealain gu Ceallaigh Shleidheach Kelly.Schlay@novascotia.ca air / neo ’s a’ phost gu:

Iomairtean na Gàidhlig

1741 Sràid Bhrunswick,

an 3as ùrlar

Oifis a' Phuist 456,

A' Stéisean Meadhanach

Haileafacs, AN, B3J 2R5

Théid measadh a dhèanamh air na h-iarrtais le pannal de dhaoine a bhios ’nan seisean dha na tagraichean.

An là mu dheireadh a dh’fheumas na h-iarrtais a bhith a-staigh: Di-haoine, an Gearran 17, 2017.

Ma bhios ceisdean a bharrachd agaibh air dòigh cur a-staigh airson a’ bhursaraidh seo, cuir fios gu Lodaidh MacFhionghain aig 902-424-4298 no ann am post-dealain aig Lewis.MacKinnon@novascotia.ca