Tha a’ Ghàidhlig agus a dualchas air a bhith ’nam pàirt de dh’ Albainn Nuaidh bho chionn anmoch anns na 1700an. Air a toirt sìos o ghlùin gu glùin fad linntean, tha a’ Ghàidhlig air cur gu mór ris a’ roinn againn. ’S urrainn dhan treas pàirt, cha mhór, de mhuinntir na h-Albann Nuaidhe an diugh na freumhan ac’ a lorg anns a’ luchd-àiteachaidh bho Ghàidhealtachd is Eileanan na h-Albann aig an robh a’ Ghàidhlig. Tha móran dhiùbhsan a’ sàs ann a’ gnìomhachdan cultarach a bheir brìgh do choimhearsnachdan agus ainm do dh’ Albainn Nuaidh mar àit’ àraid ’s an t-saoghal.
Bidh oifis Iomairtean na Gàidhlig ag obair air àrdachadh na Gàidhlig gus am mair dualchas na Gàidhlig beò is beothail ann an Albainn Nuaidh.
A’ co-obrachadh le muinntir na h-Albann Nuaidhe, tha oifis Iomairtean na Gàidhlig a’ cur ris a’ leasachadh a tha a’ dol air adhart ann a’ coimhearsnachd na Gàidhlig.
Tha dleasdanas gnìomhach aig Iomairtean na Gàidhlig ann an ath-bheòthachadh agus neartachadh na Gàidhlig agus a dualchais. Bidh seo a’ toirt a-staigh cuideachadh ann an oidhirpean a thaobh togail is toirt seachad na cànain, cuide ri cothroman a chur air bhonn an dualchas a cho-roinn agus eòlas ’fhaighinn air.
’Se pàirt choilionta na roinne a th’ anns a’ Ghàidhlig. Mar bhuidheann cànain agus dualchais bunaitich, tha Gàidheil air cruth a thoirt dhan eòlas a th’ againn air Albainn Nuaidh ’s an là ’n diugh. Troimh obair oifis Iomairtean na Gàidhlig, bidh a’ Ghàidhlig ’ga bruidhinn agus cuiridh dualchas na Gàidhlig ri iomadachd na h-Albann Nuaidhe dha na ginealaich ri teachd.
Gàidheil an Albainn Nuaidh: Iùl-goireis
’S ann do luchd-teagaisg agus dhan fheadhainn a tha airson tuilleadh ionnsachadh mu’n a’ Ghàidhlig, a cultur agus a féin-aithne an Albainn Nuaidh a tha an t-Iùl-goireis a tha seo.
Gàidheil an Albainn Nuaidh: Iùl-goireis (Fhraingis)
Camino Nova Scotia: Slighe nan Gàidheal
Gus an 1500mh ceann-bliadhna do bhreith Caluim Cille aithneachadh – prìomh phearsa spioradail is culturail do Ghàidheil na h-Albann Nuaidhe, tha Oifis Iomairtean na Gàidhlig ag obair ann an compàirteachas le Sgoil-Diadhaireachd a’ Chòrsa an Ear thro’n phròiseact, Camino Nova Scotia: Slighe nan Gàidheal.
Bheir Slighe nan Gàidheal a-staigh 4 taisdealachdan fa leth thar cóig là air Celtic Shores Coastal Trail, Eilean Cheap Breatainn taobh an Iar, Foghar 2021.
Gus iùl-coiseachd na Slighe 'fhaicinn is a luchdadh a-nuas dèan briog a' seo
Litir-naideachd
Gus fiosrachadh ’fhaighinn mu na tha a’ tachairt anns a’ choimhearsnachd Ghàidhealaich an Albainn Nuaidh, nach cuir thu post-dealain gu comhairlenagaidhlig@gmail.com gus an cuir Comhairle na Gàidhlig am post-dealain agad ri liosta na litreach-naidheachd aca?