Bidh Iomairtean na Gàidhlig ag obair ann an compàirteachadh còmhla ri stéidheachdan agus buidhnean na coimhearsnachd a bhuineas do chànan agus chultar nan Gàidheal gus prógramman is iomairtean a chur an gnìomh a bheir cothroman do mhuinntir na h-Albann Nuaidhe, a’ Ghàidhlig ’ionnsachadh agus dearbh-aithne cultarach nan Gàidheal an Albainn Nuaidh a mheasadh is a thuigsinn nas fhèarr.
Tha 24 buidhnean agus 6 stéidheachdan ann leis am bi Iomairtean na Gàidhlig ag obair ann an brosnachadh agus leasachadh cànan agus cultar nan Gàidheal ’s mhór-roinn.
Aig an ìre eadarnàiseanta, tha dà dhiag bhuidheann ri fhaighinn ann an Albainn is Éirinn leis am bi Iomairtean na Gàidhlig ann an conaltradh.
Tha compàirtichean ann eadar Riaghaltas na h-Albann, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd (Alba) agus Iomairtean na Gàidhlig
Tha Iomairtean na Gàidhlig ag obair gus ceanglaichean eadar Trithear nan Gàidheal – Éirinn, Alba is Alba Nuadh – a neartachadh agus ’àrdachadh.