A’ Choimhearsnachd Againn

Sùil air ais

Tha buin Gàidhlig na h-Albann Nuaidh’ a’ dol air ais co dhiùbh chun 1700an.  Rè aimsir aimhreit mhóir eaconomaich is shòisealta, thionndaidh móran Ghàidheal á Eileanan agus á Gàidhealtachd na h-Albann a dh’ Albainn Nuaidh gus cothroman do bheatha ùir a lorg.

Eadar meadhon na h-18mh linn agus tràth anns a’ 19mh linn, ràinig na mìltean de Ghàidheil Alba Nuadh, a’ tuineachadh gu h-àraidh air ceann an ear tìr-mór na roinne agus ann a’ Ceap Breatainn.  Coltach ri iomadh eilthireach eile ann a’ dùthaich ùir, cha robh na h-uidhir aca de stòras no de sheilbh.  ’S e a bh’ aca tuigse làidir air mar bu chòir do choimhearsnachd a bhith, ceanglaichean teaghlaich  a bha domhainn agus dualchais eadorra aig an robh na buin anns a’ Ghàidhlig agus  ’na dualchas.

Thuinich buidhnean de theaghlaichean le chéile, ag obair le chéile, ’s iad a’ cur air dòigh choimhearsnachdan reachdmhor ann an Albainn Nuaidh.  Chaidh móran dhiùbh ’ainmeachadh do bhailtean agus do chlachain a dh’fhàg iad air an cùl ann an Albainn: m.e. Àrasaig, Beinn Eige, Bòrnais agus A’ Cheapach.

Chinn a’ Ghàidhlig agus a dualchas ann an Albainn Nuaidh.  Chaidh a’ Ghàidhlig, a tha ’na cànain brighmhor ann a’ dualchas is seanchas labhairteach, a thoirt seachad o ghlùin gu glùin troimh mheadhon an taigh ceilidh.  Chruinnicheadh teaghlaichean, càirdean agus caraidean gus naidheachd ionadail, sgeulachdan, òrain is ceòl a cho-roinn le chéile.  Dhrùidh a’ Ghàidhlig orra.  Tràth ’s na 1900an, bha a’ Ghàidhlig aig co dhiùbh 50,000 de mhuinntir na h-Albann Nuaidhe mar chainnt mhàthaireil.

An diugh, tha a’ Ghàidhlig agus a dualchas fhathast ’nam pàirt àraid de dhearbh-aithne na h-Albann Nuaidhe.  Tha móran dhaoine a bhuineas do dh’ Albainn Nuaidh ’nan sìol dhan luchd-àiteachaidh Gàidhealach.  Tha an ceangal a th’ aig Alba Nuadh do dh’ oighreachd na Gàidhlig a’ dol a mhairsinn.  Chìthear i anns na traidiseanan a bhios air an co-roinn, cluinnear i anns a’ cheòl, agus gheobhar eòlas oirre anns na coimhearsnachdan.

 

An Clachan Gàidhealach – Ionnsaich barrachd a thaobh na Gàidhlig agus a thaobh na modhan dualchasach a bhuineas dhan Ghàidhlig ann a’ ceòl, òran, dannsa agus anns an dualchas Ceilteach

 

Gàidheil na h-Albann Nuaidh’ an diugh

Sluagh is Cànain

  • Tha tuairmsean bho’n choimhearsnachd a’comharrachadh gu bheil mu 2000 neach-labhairt na Gàidhlig an Albainn Nuaidh an diugh
  • Tha a’ Ghàidhlig fhathast ’na pàirt làidir de dhearbh-aithne cultarach na roinne
  • Tha mu 230,000 neach a tha air tighinn a-nuas bho shliochd nan Gàidheal
  • Tha móran a’ sàs ann a’ gnìomhan culturach leithid òrain, ciùil agus dannsa aig a bheil stéidh anns a’ Ghàidhlig

 

A’ Bhuaidh Eaconomach

  • Bidh tachartasan na Gàidhlig agus tachartasan, gnothaichean is gnìomhan a bhuineas dhan Ghàidhlig a’ cur $23 millean gach bliadhna ri eaconomachd na roinne
  • Bidh féisean agus tachartasan leithid Féis nan Dathan Ceilteach, Féis an Eilein agus Cluichean Gàidhealach Antaiginis a’ filleadh na Gàidhlig agus a dualchais a-staigh dhan phrógraman aca
  • Bidh stéidheachdan a bhuineas dhan Ghàidhlig a’ tairgsinn phrógraman na Gàidhlig agus a dualchais

 

Foghlam is Adhartas

An diugh, tha ginealach ùr na h-Albann Nuaidhe a’ gabhail suim anns a’ Ghàidhlig agus ag aithneachadh gu bheil sochairean sòisealta is eaconomach ri ’m faighinn á gléidheadh iomadachd na h-Albann Nuaidhe troimh ath-bhuannachadh na Gàidhlig agus a dualchais.

  • Tha 24 comainn, eagrachaidhean agus stéidheachdan a bhuineas dhan Ghàidhlig anns a’ roinn
  • Bho 1997, tha an Céitean air a bhith ’ga chomharrachadh mar Mhìos na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh.  Tha e a’ toirt cothroim gach bliadhna do mhuinntir na h-Albann Nuaidhe ceangal a dhèanamh a-rithist ris a’ Ghàidhlig agus a dualchas troimh ghnìomhan mar bhogadh na cànain, bhùthan-obrach cultarach, thachartasan agus mholaidhean ann a’ coimhearsnachdan air feadh na roinne
  • A’ toirt fianais air na h-ainmean-àite a bh’ aig na Gàidheil do mhóran dha na coimhearsnachdan aca, gheobhar sanasan-rathaide mar chomharraidhean-crìche ann a’ ceann an ear na roinne
  • Tha 12 choimhearsnachd thar na roinne far a bheil prógraman-ionnsachaidh bogaidh do dh’inbhich gnìomhach is a’ dol air adhart
  • Bho 2008, tha 16 tàilleabhaich air a bhith ag obair le 11 chomhairliche air sgilean cànain is dualchais mar phàirt de phrógram comhairliche Bun is Bàrr. Tha na tàilleabhaich seo a-nis a’ teagasg na Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh ùra na cànain agus dhan òigridh
  • Tha clasaichean anns a’ Ghàidhlig agus Eòlas na Gàidhlig air an tairgsinn ann a’ 15 sgoiltean ’s a’ roinn le mu 1200 sgoilearan air an clàrachadh