Bidh oifis Iomairtean na Gàidhlig ag obair leis a’ riaghaltas agus le pàirtichean eile gus a’ chànain, an dualchas agus an leasachadh eaconomach de choimhearsnachd na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh a chur air adhart. Tha seo a’ toirt a-staigh dol eadar a’ riaghaltas agus a’ choimhearsnachd, goireasan ’ullachadh agus cuideachadh leis a bhith ’gam fosgladh; cuideachd, bithear a’ co-obrachadh le buidhnean roinneil is eadarnàiseanta gus eòlas na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh ’àrdachadh.
Dleasdanas oifis Iomairtean na Gàidhlig
Tha oifis Iomairtean na Gàidhlig ag amas air ùrachadh na Gàidhlig gus am bi i daonnan ’na pàirt bheothail de bheatha na h-Albann Nuaidhe.
Tha seo a’ tarraing air ionnsachadh is toirt seachad na Gàidhlig a shaorachadh, agus meas nas motha air dualchas na Gàidhlig a chruthachadh.
Tha obair oifis Iomairtean na Gàidhlig a’ toirt a-staigh na leanas:
- Luach agus co-thabhartas na Gàidhlig dhan roinn ’àrdachadh
- Taic a thoirt do phrógraman ùr-ghnàthaichte cànain is dualchais, a bhios freagarrach dhan a bhios feumach do choimhearsnachd na Gàidhlig.
- Còmhradh a shaorachadh leis a’ riaghaltas agus a’ choimhearsnachd a thaobh na bhios cudthromach do leasachadh na Gàidhlig
- Goireasan a bhuineas do dh’fhoghlam a chruthachadh a chuireas luchd-teagaisg is luchd-ionnsachaidh gu feum
- Trèanadh do luchd-teagaisg na Gàidhlig a chur air dòigh
- Cuideachadh is taic a thoirt do dh’iomairtean is pròiseictean na coimhearsnachd
- Seirbheisean eadar-theangachaidh a thairgsinn
- Cothroman ionnsachadh na Gàidhlig agus iomlaid chultarach a mheudachadh leis a bhith a’ co-obrachadh le pàirtichean eadarnàiseanta.
Prógraman
Prógram Gàidhlig anns a’ Choimhearsnachd
Bidh am prógram seo a’ toirt taic do dh’eagrachaidhean neo-phrothaid le pròiseictean a bhios ag amas air cothroman a mheudachadh do dhaoine a’ Ghàidhlig ’ionnsachadh is a bhruidhinn, aig an aon àm’s gum bi iad a’ gabhail a-staigh dhaoine anns am bi suim ’s a’ Ghàidhlig agus a dualchas a’ dol am meud. Faodaidh gnìomhachais clasaichean cànain, bogadh’s a’ Ghàidhlig, bùthan-obrach agus tionnsgnaidhean culturach eile a thoirt a-staigh.
Cinn-là gus iarrtasan a chur a-staigh: 15 am Màrt, 15 an t-Òg-Mhìos agus 15 an t-Samhain
Program Guidelines (English, 146KB PDF)
Program Application (English, 2MB PDF)
Program Closure Report (English, 2MB PDF)
Prógraman Tàilleabhachd: Bun is Bàrr agus Daltachas
Tha Iomairtean na Gàidhlig a’ tairgsinn agus a’ toirt taic do phrógraman comhairleachaidh anns a’ Ghàidhlig a bheir cothroman do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig an cuid Gàidhlig agus eòlas air a dualchas a mheudachadh. Stéidhichte air samhail ionnsachaidh sòisealta, bidh na prógraman seo a’ cur luchd-ionnsachaidh cuide ri luchd-labhairt fileanta a bhios a’ cur Gàidhlig gu feum a h-uile là ann a’ suidheachaidhean sòisealta, culturach. Bidh iad ag amas air luchd-labhairt na Gàidhlig a chruthachadh a bhios a’ cleachdadh, a’ co-roinn, a' moladh agus ag àrdachadh na Gàidhlig agus a dualchais ann an Albainn Nuaidh. Cuir fios thugainn gus barrachd ’ionnsachadh air comhairleachadh a thaobh na Gàidhlig agus a dualchais ann an Albainn Nuaidh.
Bun is Bàrr 2022-23 Expression of Interest - Apprentices (English, 287 kB PDF)
Bun is Bàrr 2022-23 Expression of Interest - Mentors (Gàidhlig, 243 kB PDF)
Daltachas 2022-23 Expression of Interest - Mentors (Gàidhlig, 128 kB PDF)
Daltachas 2022-23 Expression of Interest - Participants (English, 174 kB PDF)
Dian-oideas na Gàidhlig
’S e prógram a th’ann an Dian-oideas na Gàidhlig ’ga dhealbhachadh do bhuidhnean a bhios a’ toirt taic ri ionnsachadh na Gàidhlig thro’n mhodh, Gàidhlig aig Baile aig a bheil prìomhachas air a bhi a’ toirt sgoilearan gu bhi a’ bruidhinn agus a’ tuigsinn na Gàidhlig le bhi a’ dèanadh ghnìomhan làthail, gheamaichean, agus chòmhraidhean ann an àrainneachd a tha ’na bhogadh cànain, ag ath-chruthachadh nan dòighean a bhios cnapach ag ionnsachadh a chiad chànain. ’Ga lìbhrigeadh le taoitearan a tha aig àrd ìre ann am fileantas, théid gnìomhan a lìbhrigeadh le bhi a’ cur gu feum nithean-seallaidh, ath-aithris agus conaltradh gun fhaclan
Program Guidelines / Comharran-treòrachaidh (English, 180 kB PDF)
Application Form / Foirm-iarrtais (English, 153 kB PDF)
Ceann là: Iarrtasan ri’n gabhail gun cheann là ann
Bursaraidh na Gàidhlig (Alba)
Ann an oidhirp taic a thoirt ri luchd-ionnsachaidh a bhios airson a’ Ghàidhlig a thogail agus a chur gu feum, tha Riaghaltas na h-Albann air prógram bursaraidh do rannsachadh na Gàidhlig a stéidheachadh.
Tha am prógram bursaraidh seo air a dhealbhadh a dh’aona ghnothach taic a thoirt do sgoilearan na Gàidhlig á Albainn Nuaidh, Canada, le cosgaisean siubhail, bìdhe is àitean-fuirich ann an Albainn fhad ’s am bi iad ag obair air a’ Ghàidhlig a thogail agus a chur gu feum, cuide ri bhi a’ rannsachadh an dualchais a bhuineas dhan chànan.