Tachartasan

Mìos nan Gàidheal

26 An Giblean

11:00 am

Tachartas bliadhnail gus Bratach nan Gàidheal a thogail is Mìos nan Gàidheal a chumail.

Haileafacs, Cèarnag an Spaistir Mhóir

Halifax.gaelic@gmail.com

 

26 an Giblean

12:00 meadhan-là

A’ togail Bratach nan Gàidhlig is A’ leughadh Gairm a’ Mhìos

Lìonag na Pàrlamaid Bige

1726 Sràid Hollis

12:15 – 12:30 f

Taisbeanadh foirmeil is céilidh as deaghaidh togail Bratach nan Gàidheal

Ealanlann na h-Albann Nuaidhe

1723 Sràid Hollis (thar na sràide bho’n Phàrlamaid Bhig)

 

1 an Céitean

12:00 f

A’ togail Bratach nan Gàidheal

Taobh a-muigh Talla Mhoireasdain

Campus Oilthigh Naomh Fhransaidh

Tacharatas foirmeil agus céilidh

Ionad ’icCinaoidh

12:15 – 12:30 f

Bidh fàilte ro’n a h-uileadh.  Bidh srùbag ann.

Kelly.Schlay@novascotia.com

 

1 an Céitean

2:00 – 4:00 f

’ga chur Mìos nan Gàidheal air bhog

Ionad Ealain Shiorramachd Inbhir Nis

160800 An Rathad 19, Inbhir Nis

Bidh fàilte ro’n a h-uileadh.  Bidh srùbag ann.

Kelly.Schlay@novascotia.com

 

1, 8, 15, 22 agus 29 an Céitean

10:00 am

Gàidhlig agus Cabadaich

An Drochaid / Shining Waters, Màbu

Seiseanan neo-fhoirmeil na Gàidhlig le Margie is Oighrig is srùbag ann.  Bidh fàilte ro’n a h-uileadh.

macintcj@gmail.com no mberiskay@gmail.com

 

1, 8, 15, 22 agus 29 an Céitean

6:00 – 7:00 f.

Anns an Taigh Chéilidh

Taigh an t-Sagairt, Gleann Dail, Ceap Breatainn

Seiseanan seachdaineil do ghach aois.  ’S e na taighean céilidh aon dhe na prìomh àiteachan far an robh nòsan ’gam pàirteachadh ann an coimhearsnachdan Gàidhealacha.  Bidh na seiseanan seo a’ compàirteachadh òrain, naidheachdan, bial-aithris, eachdraidh agus nòsan.  Bidh cuideam ann air nòsan Bràigh na h-Aibhneadh, (Baile an Rìgh / Gleann Dail) ann an Ceap Breatainn.

macdojdz@gov.ns.ca

 

1-26 an Céitean

An Cùrsa Bogaidh II & III

Colaisde na Gàidhlig

Bidh cosgaisean a’ chùrsa ann

Le bhi ann an ceangal r’ ar compàirtichean aig Oilthigh Cheap Breatainn, tha Colaisde na Gàidhlig moiteil á dà chùrsa do dhian-bogaidh na Gàidhlig a bheir 6 creideis, air làraich na Colaisde an Céitean 2017.  Tha An Cùrsa Bogaidh II (An Ìre Eadar-Mheadhanaich) ’ga chur air dòigh do dh’oileanaich an oilthigh a tha a’ sireadh chreideis na Gàidhlig dhan darna bhliadhna agus tha An Cùrsa Bogaidh III (An Ìre Eadar-Mheadhanaich nas àirde) ’ga chur air dòigh do dh’oileanaich a tha a’ sireadh chreideis dhan treas bhliadhna.  Tha na cùrsaichean seo freagarrach do dh’oileanaich a bhios a’ gabhail suime ann an leasachadh pearsanta agus foghlum leanntainneach.

 

2 an Céitean

2:00 f

Leabharlann Ghlaschu Ùir

Taisbeanadh do dh’oileanaich á Mór-Sgoil Ghlaschu Ùir mu chànan agus chultur nan Gàidheal an Albainn Nuaidh.

5:00 f

A’ togail Bratch nan Gàidheal

Cèarnag Ghlaschu Ùir

5:30 f

Taisbeanadh do Chomhairle Baile Ghlaschu Ùir agus làmh sgrìobhainn a chur air Gairm Mìos nan Gàidheal 2017.

Talla Baile Ghlaschu Ùir

 

2 an Céitean

7:00 f

Clàrsach nan Ceilteach

Leabharlann Poblach Keshen Goodman, Haileafacs

Taisbeanadh farsuing air a’ chlàrsaich mu cho-theacsa ann an comann nan Gàidheal, a’ toirt mìneachaidh air ciamar a chaill sinn an nòs agus ciamar a tha i ’ga h-ath nuadhachadh an dràsda le Alys Howe

Halifax.gaelic@gmail.com

 

3 an Céitean

7:00 f

Na h-ionnanachdan Culturacha a-measg nan Gàidheal, nam Mìogmac agus nan Acadianach.

Lodaidh MacFhionghain

Leabharlann Poblach Sackville, Haileafacs

Halifax.gaelic@gmail.com

 

4 an Céitean

6:30 f

Am Prìomh Leabharlann, Talla Phòil Úi Riagáin, Haileafacs

Na Gàidheil anns na Cogaidhean, a’ trusadh dhen 185mh Reiseamaid agus ionnsaich òran Gàidhlig.

 

4, 11, 18 agus 25 an Céitean

An Taigh Céilidh/ Cruinneachaidhean Oidhche Dhi-ardaoin’

Colaisde na Gàidhlig

Ann a bhi a’ ceangal ris a’ Chùrsa Bhogaidh a bhios a’ dol air adhart air làraich na Colaisde ré mìos a’ Chéitein, tha sinn a’ cur cuiridh chon na coimhearsnachd air fad tighinn cruinn còmhla rinn airson céilidhean a h-uile seachdain.  Thigibh a-staigh is dèanaibh céilidh oirnn. Faodaidh sibh innealan-ciùil, brogan-dannsaidh, òrain agus do chuid Ghàidhlig a thoirt leibh.  

colin@gaeliccollege.edu

frances.maceachen@novascotia.ca or phone 945-2114.

 

4, 11, 18 agus 25 an Céitean

Club Leabhair mu Eachdraidh nan Gàidheal

Leabharlann Poblach Alasdair Dhoighlich

Leughaidh compàirtichean agus bruidhnidh iad air Seanchaidh na Coille, co-chruinneachadh bàrdachd agus litreachas na Gàidhlig ann an Canada.  ’S e am fear-deasachaidh Mìcheal Newton a chruinnich òrain agus litreachas na Gàidhlig thar Chanada gus guth a thoirt do Ghàidheil Canadianacha is na dh’fhiach iad.  Bidh cuspairean a’ toirt a-staigh inmriche, poileataigs, creidimh, beatha an teaghlaich, aithne, bhuidhnean soisealta is tuilleadh.  Tha beagan leth-bhric a bhios ri fhaighinn air iasad, agus ’s urrainn dhan leabhar a bhi ’ga cheannach aig www.nimbus.ca/store/

frances.maceachen@novascotia.ca no éibh air 902-945-2114

 

6 an Céitean

10:00 am – 4:00 f

Taisbeanadh: A’ snìomh agus A’ fighe

’S e a bhi a’ snìomh agus a’ fighe air a bhi ’nam prìomh-phàirtean dhen dualchas againn.  Thigibh ’nur cuideachd le buill dhen bhuidhinn Atlantic Spinners and Handweavers mar a nì iad taisbeanadh air snìomh agus fighe – o rùsg clòimhe gu bathar dèante.  Bidh beairt ann agus caochladh chuibhleachan snìomha ’gan cur gu feum, còmhla ri taisbeanadh bathair dèante agus leabhraichean.  Thig, coimhead agus foighnich ceistean agus dh’fhaodte gun cuir do làmh an sàs ’s an ealan eachdraidheil seo.  – le the Atlantic Spinners and Weavers Guild

Halifax.gaelic@gmail.com

 

5-7 an Céitean

Gàidhlig as t-Earrach

Colaisde na Gàidhlig

Bidh caochladh ìrean ann

Bidh a’ chiad ceann-seachdain bogaidh dhen bhliadhna a’ cur fàilte air an t-sìde nas blàithe agus air seann agus ùr charaidean.  Ré an t-seisein, bidh taisbeanadh sònraichte le Dr. Tiber Falzett, Ollamh agus Ball na Sgoileadh Ceumnachaidh, OEa’Ph fo’n tiotal : Nam faighea’ tu sgiathan geòidh: Bridging the Gulf through Gaelic Oral Tradition.  Di-sathuirne, 6 an Céitean aig 7:00 f le dannsa cèarnach ’ga leanaid le Dawn agus Margie Pheatan. (fàilte ro’n a h-uileadh)

colin@gaeliccollege.edu

 

7 an Céitean

Gàidheil a’ Ghinealaich a Chaidh a Chall

An Drochaid, Màbu

$5 no tabhartas

Nì sgoilear Dhail Bhràighe Zoe McDaniel á Baile Beag an Uillt taisbeanadh a’ cur feart air na chuir a’ choimhearsnachd Ghàidhealach ré a’ Chogaidh Mhóir, coltach ris a’ bhuaidh aig an Ridse Vimy, agus mar a théid an cuimhneachadh thro chaochladh chuimhneachain thar na h-Ionnsaidh an Iar.  Compàirtichidh i na dh’ionnsaich i bho chuairt chuimhne a’ chogaidh a bh’aice anns an Roinn Eòrpa mar neach-faighinn dhen duais, Beaverbrook Vimy.  Bidh srùbag ann.

macintcj@gmail.com no mberiskay@gmail.com

 

10 an Céitean

Baile nan Gàidheal

Bannal nan Òran

Théid an òraid seo a lìbhrigeadh le Oighrig NicFhraing, ban-ùghdar dhen leabhar, Ás a’ Bhràighe: The Gaelic Songs of Allan the Ridge MacDonald.  Nì Oighrig taisbeanadh air luadhadh a’ chlòtha, na h-òrain a lùib agus ùrlaran, o léirsinn nam boireannach, an fheadhainn aig an robh luadhadh a’ chlòtha ’na obair dhualchasach.

 

11 an Céitean

7:00 f

Clàrsach nan Ceilteach

Leabharlann Chaiptein Uilleim Spry, Spryfield, Haileafacs

Taisbeanadh farsuing air a’ chlàrsaich mu cho-theacsa ann an comann nan Gàidheal, a’ toirt mìneachaidh air ciamar a chaill sinn an nòs agus ciamar a tha i ’ga h-ath nuadhachadh an dràsda le Alys Howe

Halifax.gaelic@gmail.com

 

12 an Céitean

1:00 – 2:00 f

Eachdraidh Dualchas Luadhadh a’ Chlòtha ás Albainn

Leabharlann Poblach, Baile na Stàilinn, 248 Sràid Foord, AN

Thig ’nar cuideachd aig leabharlann Baile na Stàilinn airson taisbeanadh air eachdraidh dualchasach luadhadh a’ chlòtha ás Albainn.  Ionnsaichidh an neach-taisbeanaidh, Uéindidh NicAonghais á Comann nan Gàidheal an Siorramachd Phiogto dhuibh òran luadhaidh ré an taisbeanaidh.

 

12 an Céitean

2:00 – 3:00 f

Dualchas a’ chìùil Ghàidhealaich, ’ga sgeadachadh air an fhìdhill an Ceap Breatainn.

Baile nan Gàidheal

Nì Caol Dòmhnallach á Baile Inbhir Nis taisbeanadh agus gabhaidh e puirt.

 

13 an Céitean

2:00 f

Sloinntearachd

Leabharlann Poblach am Bedford

A’ rannsachadh na sinnsearachd agaibh ás Albainn.  Faighibh a-mach càite am bu chòir dhuibh coimhead agus ionnsaichibh mu chànan agus chultur nan Gàidheal – le Vince MacNìll

 

15 – 19 an Céitean

Prógram nan Sgoiltean Poblacha

Baile nan Gàidheal

Prógram ùr dhan chlas mu chànan agus chultur nan Gàidheal, bidh Baile nan Gàidheal a’ tairgsinn dha na sgoiltean ann am Bùird na Sgoileadh, Ceap Breatainn-Bhioctoria agus An Caolas  ré Mìos nan Gàidheal.  bidh am prógram ann ré uairean na sgoileadh.

 

16 an Céitean

7:00 f

Clàrsach nan Ceilteach

Leabharlann Cole Harbour, Dartmouth, Haileafacs

Taisbeanadh farsuing air a’ chlàrsaich mu cho-theacsa ann an comann nan Gàidheal, a’ toirt mìneachaidh air ciamar a chaill sinn an nòs agus ciamar a tha i ’ga h-ath nuadhachadh an dràsda le Alys Howe

Halifax.gaelic@gmail.com

 

17 an Céitean

1:30 – 2:30 f

Ag ionnsachadh na Gàidhlig an Albainn – Piogto

Leabharlann Poblach am Piogto, 40 Sràid an Uisge, Piogto, AN

Bidh neach-taisbeanaidh Uéindidh NicAonghais á Comann nan Gàidheal an Siorramachd Phiogto ann gus na dh’fhiach i fhad ’s a bha i ag ionnsachadh na Gàidhlig an Albainn fhad ’s a bha i air falbh o’n obair aice aig Leabharlann Campus Colaisde na Coimhearsnachd an Albainn Nuaidh am Piogto.

 

19 an Céitean

10:00 – 11:00 am

Eachdraidh Dualchas Luadhadh a’ Chlòtha ás Albainn

Leabharlann Poblach Abhainn Eòin, 2725 Rathadh a’ Mheòir an Iar, Abhainn Eòin, AN

Thigibh ’nur cuideachd aig leabharlann Abhainn Eòin airson taisbeanadh air eachdraidh dualchas luadhadh a’ chlòtha ás Albainn.  Ionnsaichidh an neach-taisbeanaidh, Uéindidh NicAonghais á Comann nan Gàidheal an Siorramachd Phiogto dhuibh òran luadhaidh ré an taisbeanaidh.

 

23 an Céitean

7:00 f

Cuairt air na cànanan Gàidhlig

Leabharlann Poblach an Tantallon, Haileafacs

Thigibh ’nur cuideachd còmhla ri dà ollamh fhad ’s a nì iad cuairt air na cànanan Gàidhlige: Gàidhlig, Gaeilge, agus Gaelg.  Cluinnidh sibh fuaimean nan cànanan seo, gheobh sibh a-mach càite a bheil iad ’gam bruidhinn, ionnsaichidh sibh mu na h-eachdraidhean aca, agus coimheadaidh sibh air na h-ionnanachd agus na diofraichean eadarra.  B’fhìor thoil leinn na ceistean agaibh ’fhaighinn!  Le Ban-O. Eimilidh NicEòghainn (ath bheòthachadh na Gàidhlig, gaelic.co) agus Ollamh Gearailt Mac’illeBhàin (Oilthigh Dhalhousie).

Halifax.gaelic@gmail.com

 

23 an Céitean

6:30 f

Am Prìomh Leabharlann, Haileafacs

DNA Footprint

Gabhaibh pàirt ann an sgrìob ghinnich a thòisich a-réir toraidh DNA anns an iris National Geographic o chionn cha mhór 100,000.  Coimheadaibh air beagan dhe na leasachaidhean ’s a’ Ghàidhlig stéidhichte air gu dé a bhios cànanaichean ag ràdhainn.  Cluinnibh gu dé mar a thòisich an cinne daonna ri chéile, mar a shiubhlaich iad o’n a chéile is a-nist mar a tha iad a’ tighinn ri chéile ann an sluagh iomadachd Chanada -le Uéin Mac an t-Saoir.

Halifax.gaelic@gmail.com

 

23 an Céitean

7:00 f

Seanchas aig an Leabhar-lann

Leabharlann Roinn Cheap Breatainn

50 Sràid Falmouth, Sidni, AN

Cruinneachadh neo-fhoirmeil – tha fàilte ro’n a h-uileadh – na naidheachdan uile di-beathte

acmacdermid@gmail.com no morrisonb@mac.com

 

24 an Céitean

7:00 – 9:00 f

Céilidh Bheag anns a’ Ghut

Talla Ridirean Cholumbuis, 138 Sràid Ghranville, An Gut

Tabhartasan ’gan gabhail aig an dorust

Ceòl leis an teaghlach, Broussard.  Òrain Ghàidhlig le clas Gàidhlig Sgoil Ghàidhlig Baile a’ Chlamhain.  Naidheachdan agus còmhradh ’s a’ Ghàidhlig is srùbag an làimh.

g.urquhart@ns.sympatico.ca

 

20 an Céitean

2:30 – 6:30 f

Na Gaisgich Òga – Cruinn A-Rithist

Taigh an t-Sagairt, Gleann Dail, CB.

Gun chosgais – Faodaidh teaghlaichean greim bìdhe a thoirt leò a théid a chur ris a’ bhiadh.

Thairg Colaisde na Gàidhlig am prógram Na Gaisgich Òga far ceithir bliadhna.  ’S e rùn an tachartas a tha seo a bhi ’ga dhèanadh comasach gun tig na seann Ghaisgich Òga cruinn còmhla agus gun coinnich iad ri feadhainn eile a bha ’s a’ phrógram thar nam bliadhnaichean.  Tha Cruinn A-rithist fosgailte do dh’ògraidh aig a bheil suim anns a’ Ghàidhlig, a cultur agus ann an eachdraidh nan Gàidheal.  Bidh an là a’ toirt a-staigh bhùithtean obrach air: a’ sanasachadh ur cuid Ghàidhlig; a’ toirt sùla air ar n-eachdraidh, naidheachdan Gàidhlig, òrain Ghàidhlig, agus dannsaichean cèarnacha agus ceòl Gàidhealach.  Bidh potluck ann aig àm na sùipearach.

 

28 an Céitean

3:00 f

Seirbheis Uil'eaglaiseil na Gàidhlig

Aig Eaglais Chléirich Naomh Sheumais, An t-Eilean Mor

Bidh an t-Urr. Peadar MacDhòmhnaill os cionn na seirbheis. 

As déidh na seirbheis, bidh cothrom seanchas a dhèanamh agus srùbag a ghabhail. 

Thigibh uile!

 

29 an Céitean

7:00 f

Am Prìomh Leabharlann, Haileafacs

Thigibh ’nur cuideachd còmhla ri dà ollamh fhad ’s a nì iad cuairt air na cànanan Gàidhlige: Gàidhlig, Gaeilge, agus Gaelg.  Cluinnidh sibh fuaimean nan cànanan seo, gheobh sibh a-mach càite a bheil iad ’gam bruidhinn, ionnsaichidh sibh mu na h-eachdraidhean aca, agus coimheadaidh sibh air na h-ionnanachd agus na diofraichean eadarra.  B’fhìor thoil leinn na ceistean agaibh ’fhaighinn!  Le Ban-O. Eimilidh NicEòghainn (ath bheòthachadh na Gàidhlig, gaelic.co) agus Ollamh Gearailt Mac’illeBhàin (Oilthigh Dhalhousie).

Halifax.gaelic@gmail.com

 

May 30

7:00 pm

The Celtic Harp

Alderney Gate Library, Dartmouth, HRM

A broad sketch of the context of the harp in its heyday in Gaelic society, explaining how we lost the tradition and how it is being redeveloped currently – with Alys Howe

Halifax.gaelic@gmail.com

 

30 an Céitean

7:00 f

Clàrsach nan Ceilteach

Leabharlann Alderney Gate, Dartmouth, Haileafacs

Taisbeanadh farsuing air a’ chlàrsaich mu cho-theacsa ann an comann nan Gàidheal, a’ toirt mìneachaidh air ciamar a chaill sinn an nòs agus ciamar a tha i ’ga h-ath nuadhachadh an dràsda le Alys Howe

Halifax.gaelic@gmail.com

 

May 31

7:00 pm

Genealogy

Bedford Public Library

Researching your Scottish Ancestry. Discover where to look and gain insight into the Gaelic language and culture – with Vince MacNeil

Halifax.gaelic@gmail.com

 

31 an Céitean

7:00 f

Sloinntearachd

Leabharlann Poblach am Bedford

A’ rannsachadh na sinnsearachd agaibh ás Albainn.  Faighibh a-mach càite am bu chòir dhuibh coimhead agus ionnsaichibh mu chànan agus chultur nan Gàidheal – le Vince MacNìll