Club Leabhar Eachdraidh nan Gàidheal

May 29
to
Leabharlann Poblach Dhùin Chamuluis is Hants an Ear

Gus a bhi a’ cumail suas Mìos nan Gàidheal an Albainn Nuaidh, nach tig sibh ’nar cuideachd gus còmhradh a dhèanadh air an leabhar, Seanchaidh na Coille, co-chruinneachadh dà-chànanach do bhàrdachd is litreachas na Gàidlhig ann an Canada far an do chruinnich an t-ùghdar Mìcheal Niutanach òrain Ghàidhlig is litreachas o Chanada air fad gus guth a thoirt dha na fiosrachdan a bh’aig Gàidheil Chanada air in-imrich, poileataigs, creideamh, beatha an teaghlaich, féin-aithne, buidhnean soisealta is tuilleadh.

Gheobh sibh leth-bhric thro’n leabharlann agaibh.

Gus clàradh a dhèanadh dhan phrógram nach éibh sibh air Leabharlann Poblach Dhùin Chamuluis is Hants an Ear aig 902-895-4183. Bidh an còmhradh a bhios ann thro mheadhan na Beurla is cuiridh e prìomhachas air caibideilean 1-4.

Neach-ceangail a’ Chluib Leabhair: Lodaidh MacFhionghain

Contact Information:

Lesley Brann, [email protected]

« Return to calendar