Club Leabhar Eachdraidh nan Gàidheal

May24
Thursday, 24 May, 2018 - 6:30 PM to 8:00 PM
Leabharlann a' Bhaile Mhóir is na Siorramachd Antaiginis

Gus a bhi a’ cumail suas Mìos nan Gàidheal an Albainn Nuaidh, nach tig sibh ’nar cuideachd gus còmhradh a dhèanadh air an leabhar, Seanchaidh na Coille, co-chruinneachadh dà-chànanach do bhàrdachd is litreachas na Gàidlhig ann an Canada far an do chruinnich an t-ùghdar Mìcheal Niutanach òrain Ghàidhlig is litreachas o Chanada air fad gus guth a thoirt dha na fiosrachdan a bh’aig Gàidheil Chanada air in-imrich, poileataigs, creideamh, beatha an teaghlaich, féin-aithne, buidhnean soisealta is tuilleadh.

Gheobh sibh leth-bhric thro’n leabharlann agaibh.

Gus clàradh a dhèanadh dhan phrógram nach éibh sibh air Leabharlann Woodlawn aig 902-490-2636. Bidh an còmhradh a bhios ann thro mheadhan na Beurla is cuiridh e prìomhachas air caibideilean 1-4.

Neach-ceangail a’ Chluib Leabhair: Goiridh Dòmhnullach

 

« Return to calendar