Mion-aithriseachd do Bhun is Bhàrr ’ga chur air an Sgàilean

May19
Saturday, 19 May, 2018 - 4:00 PM
Caochladh Choimhearsnachdan

Leigidh Iomairtean na Gàidhlig mion-aithriseachd fa sgaoil an ceartuair mu’n phrógram thàilleabhachd, Bun is Barr, ri bhi ionnsachadh thar-ghinealaich ann an Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidhe, le bhi a’ cur prìomhachais air an fheadhainn a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig o’n a’ ghlùin is air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig is iad a’ bruidhinn air na fiosrachdan aca a bhi a’ céilidh air a chéile, a bhi a’ bruidhinn na Gàidhlig agus a bhi a’ compàirteachadh cultur nan Gàidheal.

Ré mìos a’ Chéitein, bidh riochdairean Iomairtean na Gàidhlig ann gus a’ mhion-aithriseachd a chur air an sgàilean ’s a’ choimhearsnachd agaibh gus còmhradh a chur air chois mu oideas, ionnsachadh thar-ghinealaichean agus ionnsachadh aig ìre na coimhearsnachd.

Nam biodh sibh airson gun téid a’ mhion-aithriseachd air an sgàil ’s a’ choimhearsnachd agaibh, nach cuir sibh fios gu Frances.MacEachen@novascotia.ca

 

« Return to calendar