Taisbeanadh air a’ Phróiseagt, Cànan ann an Rannan

May30
Wednesday, 30 May, 2018 - 2:00 PM to 3:30 PM
Institiuid na Ban-Pheatanaich

’Na chompàirteachas eadar Oilthigh Cheap Breatainn, Iomairtean na Gàidhlig agus the Digital Archive of Scottish Gaelic (DASG), ’s e próiseagt ùr a th’ann an Cànan ann an Rannan, a mhaireas fad trì bliadhna. ’S e amas a’ phróiseigt a bhi a’ cruthachadh stòr-dàta ioma-chuimseach do dh’òrain Ghàidhlig dèanta air neo aithnichte an Albainn Nuaidh, gus teacsaichean do dh’uimhir mhath dhe na h-òrain seo a thar-sgrìobhadh agus a dhigiteachadh agus gus am bi iad ri’m faighinn dhan choimhearsnachd Ghàidhealaich thro ùrlaran-digitich nan làrach-lìn aig DASG, Institiuid na Ban-Pheatanaich agus An Drochaid Eadarainn. Bidh cruinneachadh nan òran ’na thoiseach-tòiseachaidh do chruinneachadh a théid a chur gu feum ’s an àm a thig gus faclair na Gàidhlig an Albainn Nuaidh a chruthachadh. Mìnichidh Ban-Mhanaidsear a’ Phróiseigt, Màiri Britton cùl-eachdraidh agus amasan a’ phróiseigt, Cànan ann an Rannan agus cuiridh i fàilte air molaidhean o’n luchd-éisdeachd air a’ phróiseas gus òrain a thaghadh, agus ciamar a ’s urrainn dhan phróiseagt a bhi ’na fheum as fhèarr do choimhearsnachd nan Gàidheal an Albainn Nuaidh.

Bidh am próiseagt, Stòras Gàidhlig Cheap Breatainn a’ comharradh an trì fhicheadamh ceann-bliadhna agus àithne-bunachaidh do Thasglainn Institiuid na Ban-Pheatanaich agus dhen obair a rinn A’ Phiuthar Mairearad Pheatanach. Nì taglannaiche a’ phróiseigt, Steiseag Nic’Ill’eathain taisbeanadh air ciamar a dh’fhaodadh a’ phoblach stòr-dàta Institiuid na Ban-Pheatanaich a tha air an eadar-lìon a sheòladh agus compàirtichidh i beagan fiosrachaidh mu na tasglainn a bhios a’ cur ro’n luchd-éisdeachd fiosrachdan Gàidheal na h-Albann Nuaidhe.

 

« Return to calendar