Thàinig Maighstir Gilleasbuig Caimbeul a dh’Albainn Ùir ás an t-seann dùthaich ann an 1907 gu Roinn Easbuigeach Antaiginis. Sgrìobh e sreath do litrichean mu dhéidhinn a thuruis dha ‘n iris “Guth na Bliadhna” anns a’ bheil e ag innse mu na daoine air an do thachair e agus mu na h-àitichean air an do thadhail e. Tha Oighrig NicFhraing air rannsachadh a dhèanadh air an t-sagart seo agus air a thurus agus bheir i seachad òraid air a seo air Di-màirt, 22 An Céitean, 2018, ann an Taigh an t-Sagairt, ann am Bràigh na h-Aibhneadh. Bidh an òraid a’ tòiseachadh aig 6:00 feasgar, cha bhi cosdas ann faighinn a-staigh, agus bi i thro mheadhon na Beurla, leis a’ Ghàidhlig ‘ga breacadh a’siod ‘s a’seo.
Goiridh Dòmhnullach, [email protected]