Tha oifis Iomairtean na Gàidhlig ceangailte gu daingeann ris a’ choimhearsnachd dhan a bheil i a’ dèanamh seirbheis. Leis na sgilean làidir cànain is dualchais a th’aig buill na sgioba, ’s urrainn do dh’ oifis iomairtean na Gàidhlig a bhith a’ co-obrachadh le coimhearsnachd na Gàidhlig, a’ seasamh airson gach nì a bhios i a’ meas luachmhor agus a’ toirt fianais air cho cudthromach ’s a tha sochairean na Gàidhlig agus a dualchais dhan roinn, dhan dùthaich agus gu h-eadar-nàiseanta.
Tha a’ làthaireachd a th’ aig a’ Ghàidhlig ’s a’ roinn a’ toirt leatha stòrais nan làithean a dh’fhalbh agus a’ tairgsinn cothroim do dh’ fhàs agus do leasachadh ’s an àm a tha romhainn. Tha buaidh na Gàidhlig air ceòl, air sgeulachdan, air dualchas agus air a’ bheatha làitheil. Bidh coimhearsnachdan beodhanta na Gàidhlig a’ cur ri iomadachd na roinne; mar sin, tha Alba Nuadh ’na àite gun choimeas anns am faod daoine fuireachd no air am faod iad tadhal.
Bidh oifis Iomairtean na Gàidhlig a’ co-obrachadh le muinntir na h-Albann Nuaidhe ann an ùrachadh na Gàidhlig, ann a’ cruthachadh chothroman do luchd-ionnsachaidh a’ chànain a thogail agus eòlas ’fhaighinn air an dualchas.
Bidh oifis Iomairtean na Gàidhlig ag obair cuideachd le daoine, eagrachaidhean agus buidhnean a’ riaghaltais ann an Albainn gus adhartas a bharrachd a dhèanamh ann a’ leasachadh na Gàidhlig, dìleab chànanach is chulturail a bhuineas dhan dà dhùthaich. Cuide ri sin, bidh oifis Iomairtean na Gàidhlig a’ neartachadh a’ chàirdeis a th’ againn le ceàrnaidhean far am bheil cànainean Ceilteach eile ri ’m faighinn, m.e. Poblachd na h-Éireann, Éirinn a Tuath, agus Eilean Mhanainn.
An Rùn:
Bheir muinntir na h-Albann Nuaidhe air ais a’ Ghàidhlig agus an dearbh-aithne Ghàidhealach mar bhonn do dh’ ùrachadh an dualchais, an spioraid, na coimhearsnachd agus na h-eaconomaidh.
A’ Toirt a’ Rùin gu Buil
Taic a thoirt do mhuinntir na h-Albann Nuaidhe ann ag ath-bhuannachadh na Gàidhlig agus na dearbh-aithne Gàidhealaich le mothachadh an t-sluaigh ’àrdachadh, leis a bhith a’ co-obrachadh le pàirtichean, agus ag ullachadh ghoireasan a nì feum do thogail na Gàidhlig agus a co-roinn, is chothroman eòlas ’fhaighinn air a’ Ghàidhlig agus a dualchas.
Àithne
Bidh oifis Iomairtean na Gàidhlig a’ cur ri leasachadh na Gàidhlig agus a dualchais ann an Albainn Nuaidh, gus am bi an dualchas, an gliocas, an oighreachd agus traidiseanan nan Gàidheal air am meas luachmhor, air an cleachdadh, agus air an toirt seachad do ghinealaich ri teachd. Bidh i a’ dèanamh seo leis a bhith:
- A’ toirt air daoine an aire a chur air a’ Ghàidhlig, a dualchas agus a h-eachdraidh agus air mar a tha iad seo air cur ri iomadachd na h-Albann Nuaidhe, ri a beatha choimhearsnaich agus ri a h-eaconomachd
- A’ co-obrachadh le pàirtichean anns a’ riaghaltas, anns a’ choimhearsnachd, agus gu h-eadarnàiseanta ann a’ roinntean eile na Gàidhlig gus a’ Ghàidhlig agus a dualchas a neartachadh
- A’ toirt taic-airgid do bhuidhnean na coimhearsnachd a tha a’ sàs ann a’ pròiseictean a bhuineas dhan Ghàidhlig ’s a dualchas
- A’ toirt oideachais anns a’ chànain, ghoireasan-taic, phrógraman ùr-ghnàthaichte, comhairle roi-innleachdail, rannsachaidh, eadar-theangachaidhean agus sheirbheisean teachdaireachd a bheir comas do dhaoine tlachd a ghabhail anns a’ Ghàidhlig agus a dualchas, agus cothroman gus a’ chànain a thogail agus a chur gu feum.
- A’ cruthachadh cho-chomann air taobh a-staigh a’ riaghaltais gus dèanamh cinnteach gun cuirear airgead-tasgaidh ris a’ stòras chultarach seo, a tha àraid do dh’ Albainn Nuaidh, agus gun dèanar stiùbhartachd éibheachdach air.